Fàilte

’S e buidheann a th’ ann an SEALL a tha an sàs le làn spionnaidh ann am brosnachadh nan ealan. Tha sinn stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach agus thèid againn air taghadh nan cleasaichean ’s nan cluicheadairean, mu 45 buidheann no còmhlan gach bliadhna, a thàladh chun na sgìre, cuid a tha ainmeil, eòlach; cuid fhathast gan oideachadh fhèin sa ghnìomhachas. Tha sinn a’ lìbhrigeadh clàr-chuirmean a tha a’ toirt leis ceòl traidiseanta agus clasaigeach, jazz, blues, opera agus ceòl dùthchasach; agus a’ toirt gach cothrom dha na h-uile air dannsa ùr-nodha, ceòl an t-saoghail mhòir agus cèilidhean, cho math ri dealbhan-cluiche, comadaidh agus oidhcheannan litreachais. Bidh a’ chuid as motha den phrògram taitneach do theaghlaichean agus cuibhreann math dheth ag amas gu sònraichte air an òigridh.

Small SMO Main BuildingEachdraidh na buidhne

Chaidh SEALL a chur air chois ann an 1991 mu choinneimh nam feumalachdan a bh’ aig companaidhean air chuairt airson taighean-cluiche ionadail. Bha muinntir na sgìre, on chiad thoiseach tòiseachaidh, taiceil agus fritheilteach anns na tachartasan a bha sinn a’ nochdadh. Tha SEALL a’ ciallachadh ‘Skye Events for All’ agus tha na facail sin a’ cur an cèill ar rùn ’s ar prìomh amas, ’s e sin an luchd-cleasachd is cluiche as fheàrr a tharraing dhan Eilean Sgitheanach; àrd-ùrlar a chruthachadh dhar fèin-aithne is dhar cultar fhèin agus an t-eilean a chomharrachadh mar ionad do chultar is dha na h-ealain.

Tha 23 bliadhna air a dhol seachad agus is sinn gun teagamh a-nis, a’ cur nam bailtean mòra an dàrna taobh, an comann ealain as beothaile am Breatainn  –  chan eil buidheann eadar dà cheann na dùthcha a bheir bàrr oirnn. Tha sinn air còrr is 1,000 cuirm a chumail agus bha barrachd air 5,000 neach-cluiche an seo againn air aoigheachd. Fad 18 bliadhna cuideachd bha sinn a’ cumail Fèis an Eilein, fèill cheala-deug samhraidh. Thàinig sin, ann an 2009, gu cuirmean uair san t-seachdain tro mhìosan an t-samhraidh.

’S iomadh rud a chunna’ sinn rè nam bliadhnaichean a mhaireas san aithris!

Mar a tha sinn a’ toirt a-mach ar n-obair

Tha SEALL na iomairt shaor-thoileach coimhearsnachd, le Bòrd Stiùiridh agus buidheann taice. Tha gach deòin is deagh dhùrachd a tha an cois sin gar misneachadh gus ar n-amasan a choileanadh agus tha sinn mothachail air na cothroman a tha na trì ionadan-cluiche goireasach, freagarrach a tha ri làimh san sgìre a’ buileachadh oirnn. Tha dhà dhiubh sin ann an Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, agus am fear eile ann an taigh-bidhe nan Stàball ann an Ionad Chlann Dhòmhnaill. Bidh sinn corra uair ag obair còmhla ri buidhnean ionadail eile ann an co-bhoinn gus tachartasan a chur air adhart.

A’ cur taic ri dualchas is ceòl na Gàidhlig

Bidh sinn a’ cumail oidhcheannan tron bhliadhna a bhios ag àrdachadh cultar na Gàidhlig tro thachartasan air an àrd-ùrlar, oidhcheannan foillseachaidh leabhraichean agus cuirmean san dà chànan. Tha sinn a’ co-obrachadh leis a’ Chùrsa-chiùil Traidiseanta ann an Sabhal Mòr Ostaig le bhith a’ toirt cothrom do na h-oileanaich a bhith a’ taisbeanadh an cuid sgilean air an àrd-ùrlar, air an ceann fhèin no mar thaic do luchd-ciùil o muigh. Tha sinn a’ dol an dlùth dhàimh ri luchd nan Cùrsaichean-goirid ann an Sabhal Mòr Ostaig gus prògram chuirmean samhraidh a thoirt a-mach agus a’ tairgse cuideachadh dhan Cholaiste a thaobh nam pròiseactan aice fhèin.

An fheadhainn a tha a’ com-pàirteachadh

Tha na leanas air Bòrd-stiùiridh SEALL:
Eileen Armstrong – Cathraiche
Chris Pendlebury
Frances Macdonald
Duncan MacInnes – Stiùiriche Gnìomha

Taic phroifeiseanta:
Alison Livingstone – Taic Rianachd
Fiona Duncan –  Oifigear Pròiseict ann an Turasachd Chultarach
Buidheann bheag de Luchd-teicnigeach a thaobh Fuaim is Solais.

Maoineachadh

’S e Alba Chruthachail a’ phrìomh bhuidheann mhaoineachaidh aig SEALL. A-mach air an sin, tha sinn an comain nan saor-thoileach a tha gan ceangal fhèin ris an oidhirp againn agus nan trì aonadan-cluiche a tha a’ leigeil dhuinn an sporan a chaomhnadh. Tha teachd a-steach cothromach againn o bhith a’ reic thiocaidean, agus cha bheag an cuideachadh a tha sinn a’ faighinn on sgeama Bhallrachd, o Thiocaidean Bliadhna, rafailean agus thabhartasan pearsanta. Tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall prìsean nan tiocaidean a chumail cho ìosal ’s a ghabhas. A thoradh air sin, tha cuirmean le inbhe eadar-nàiseanta a’ dol fa chomhair an luchd-amhairc an seo aig prìsean a bheireadh adhbhar do choimhearsnachdan eile, thall ’s a-bhos, a bhith farmadach.

The funding provided to SEALL, by enabling more high quality cultural events, will build Skye’s reputation still further – boosting your tourism industry, and adding an even richer variety of events for local residents.”
A’ Chiad Mhinistear, Mgr Alex Salmond, 23 Iuchar 2012

Nach seall sibh air a’ phrògram againn dhan bhliadhna a tha romhainn.

Tha ballrachd aig SEALL anns an Touring Network, Highlands and Islands, agus san Traditional Music Forum.

Tha SEALL na Chompanaidh Earranta le Barrantas #165147 le Inbhe Charthannais clàraichte ann an Alba SC 024859

* Dè tha Dol?

* Ionadan-cluiche

* Ceannaich Tiocaidean

* Lèirmheasan

* Dealbhan

* Cuir Taic Rinn

* Cò Sinn?

* Luchd-ionaid agus Luchd-cluiche

* Tachartasan a Ghabh Àite

* Mar a Gheibh Sibh Lorg Oirnn

* Thigibh a Shlèite

* Ceanglaichean Feumail

* Dachaigh