Double Bill Gaelic Theatre – 11 October

Date/Time
Wednesday 11 October 2017
7:30 pm - 10:00 pm

Diciadain, 11 An Dàmhair, 7.30f

A double bill of new short plays in Gaelic, English and Scots

‘Midsummer Night Dream’ –  a one man show in Gaelic

A Midsummer Night’s Dream: We are treated to a performance of magic, mischief, trickery and love with the help of an old boot, plastic bag and brick! Combine that with the wonderful ad hoc performance talents of David Walker and this show is a unique experience in Gaelic theatre. Coming from the critically acclaimed team who brought Mac Beatha to the Edinburgh Festival stage, this play mixes the rich poetic language of Shakespeare with some perfectly scripted contemporary belly laughs.

Aisling oidhche Meadhan Samhraidh: Far comhair riochdaichear draoidheachd, mì-mhodh, cleasan is gaol le cuideachadh o sheann bhròig, pocan plastaig agus breige! Cuir an cois sin giùlan iongantach is comasach Dhaibhidh Walker san dealbh, is chan eil a leithid ri fhaighinn ann an dràma Ghàidhlig. Tha an dealbh-chluich seo ga cur air adhart leis an sgioba a fhuair moladh o sgrùdairean airson Mac Beatha air àrd-ùrlar Fèis Dhùn Èideann, agus tha measgachadh innte de chainnt bheairteach bhàrdail Shakespeare is de sgrìobhadh eagnaidh on là an diugh a bheir fìor lasgan air luchd-èisteachd.

‘Building a Nation’ – in English, Scots and Gaelic.
A spoken word and sound performance by poet and Gaelic learner Martin O’Connor and performed by him and Nichola Scrutton.

Steeped in the industrial voice of his own Glaswegian Scots, he explores the personal relationship with voice, accent and dialect and unearths the words we lose when we leave the land for the city, the words we lose when a place is swept by deindustrialization, and the words we lose when we are disconnected from our cultural identity.
The piece challenges perceptions of the Scottish cringe and the voice as class indicator and asks if Gaelic accents carry the same bias or marginalisation. Does coming from Uist, Lewis, Mull or Skye have the same provocation as coming from Pollok or Bearsden? And what does the Glaswegian Gael sound like?

Togail Nàisean: Tha bàrd a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig, Martin O’Connor, a’ cur Building a Nation air àrd-ùrlar le cainnt is fuaim. Tha dualchas Albais gnìomhachais Ghlaschu gu domhainn ann fhèin, is tha e a’ rannsachadh a dhàimh phearsanta ris a’ ghuth, ri blas is ri dualchainnt, is a’ rùrach airson nam faclan a chailleas sinn nuair a thèid sinn on fhearann chun a’ bhaile mhòir, na faclan a chailleas sinn nuair a sguabar gnìomhachas air falbh à àite, is na faclan a chailleas sinn nuair a thèid air sgaradh o ar n ionannachd chultarach fhèin.
Bheir an obair seo an aghaidh air seallaidhean a thaobh cringe na h-Alba is a thaobh a’ ghuth mar chomharra air inbhe, agus faighnichidh i a bheil an aon chlaonadh is an aon iomallachadh ann a thaobh dhualchainntean Gàidhlig. A bheil an aon bhuaidh aig a bhith à Uibhist, Leòdhas, Muile no às an Eilean Sgitheanach ’s a th’ aig a bhith à Pollok no Bearsden? Agus dè am blas a th’ aig Gàidheil Ghlaschu?

Brought to Skye by GlaschuBeò / GlasgowLife

Reserve your place below and pay for your ticket in cash, please, at the door.

Adults £12; SEALL Members £10; Students £6; SEALL Seasons Free.


Loading Map....

Venue
1. Sabhal Mòr Ostaig, TDC Main Hall

Genre


Bookings

The online booking system is now closed. Unless we state otherwise in the main text. just come to the door and buy your ticket there.