The pop-up Festival village is on its way from the Basque Country to Skye, celebrating the culture and languages of seven countries and communities on the European seaboard.
Open up this blog and get all the details for TUESDAY 5 July and WEDNESDAY 6 July
Fèis bhrosnachail nam mion-chànanan ‘TOSTA’ aig Fèis an Eilein, Sabhal Mòr Ostaig
Tadhlaidh fèis eadar-nàiseanta a tha a’ brosnachadh nam mion-chànanan air Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, san Eilean Sgitheanach an ath mhìos.
‘S e pròiseact co-obrachaidh cultarail a th’ ann an TOSTA, far a bheil seachd choimhearsnachdan mhion-chànanan air costa a’ Chuain Siar air tighinn còmhla airson com-pàirteachas chruthachail a dhèanamh stèidhichte air mion-chànanan na Roinn Eòrpa.
Bidh TOSTA, prògram anns a bheil tachartasan cultarail, a’ brosnachadh iomadachd chànanan agus ag obair mar aon de na riochdairean aig Donostia / San Sebastian 2016 Cathair Cultarail na h-Eòrpa.
‘Se being am broinn bàta as ciall don fhacal ‘tosta’ ann an iomadh mion-chànan air feadh costa Eòrpach a’ Chuain Siar. Mar sin dhe tha e gu math iomchaidh gur ann an cruth shoithichean mara a thadhaileas TOSTA air na coimhearsnachdan mion-chananach a tha a’ gabhail pàirt ann – Dùthaich nam Basgach, a’ Chuimrigh, a’ Chòrn, Alba, Èirinn, Friesland agus Galicia. Thèid fèis 2-3 làithean a chumail anns gach coimhearsnachd, a’ cleachdadh seata de bhogsaichean-bathair a thèid seòladh do gach port.
Thig TOSTA gu Sabhal Mòr Ostaig air 5 & 6 Iuchar mar phàirt de dh’Fhèis an Eilein, a tha a’ ruith ann an Slèite fad mhìosan an Iuchair agus an Lùnastail. Am bliadhna sa thèid 25 bliadhna den Fhèis a chomharrachadh agus ‘se Fèis TOSTA a’ chiad thachartas sa chlàr-ama.
Bidh prògram làn cheòl agus tachartasan anns am faod an luchd-èisteachd pàirt a ghabhail agus a-mach às na bogsaichean bathair thig àrd-ùrlar agus àite taisbeanaidh far an tèid mòran dhe na tachartasan an cumail. A-measg na bhios a’ dol, bidh taisbeanadh agus òraid bhon luchd-ealain air mhuinntireas, bùithtean-obrach spòrsail, clasaichean Gàidhlig airson luchd-tòiseachaidh, ealan graffiti, filmichean goirid Gàidhlig, bothan rèidio, còmhlan-ciùil agus biadh. Air oidhche ‘Mhàirt 5mh, bidh còmhlan ciùil bho Dùthaich nam Basgach, ‘Oreka Tx’, a’ cluich agus bidh club oidhche na Fèis ann as dèidh làimh. Air oidhche ‘Chiadain, cluinnear bhon Chòmhlan TOSTA a tha air a dhèanamh suas de 7 ceòladair, aon bho gach dùthaich a tha an sàs. ‘Si an ceòladair Albannach, Rona Wilkie, a tha a’ riochdachadh Alba.
Thuirt Oifigear Leasachaidh nan Ealan aig Sabhal Mòr Ostaig, Kath NicLeòid: “Tha sinn air leth toilichte a bhith an sàs san tachartas eadar nàiseanta seo ann an compàirt le SEALL, a’ comharrachadh iomadachd chultaran air feadh chostaichean Eòrpach a’ Chuain Siar. Bidh deagh mheasgachadh de cheòl is ealain ann bho na seachd choimhearsnachdan agus bho luchd-ealain òga le Gàidhlig, agus bùithtean-obrach a chòrdas ris a h-uile duine. Le bhith an lùib fèis mar seo tha sinn air obrachadh le ar nàbaidhean eadar nàiseanta, a thaobh na fèis agus am prògram air mhuinntireas, a tha a’ toirt oirnn a bhith mothachail mar a tha sinn ag obair còmhla thairis air crìochan chultarail agus chànanan gus barrachd cheanglaichean a thogail agus cothroman fhàs.”
A bharrachd air na fèisean, chuir gach coimhearsnachd neach-ealain air siubhal agus thug iad aoigheachd do neach-ealain eile a chaidh a thaghadh ann an gairm fhosgailte. Tha an neach-ealain air mhuinntireas a’ cruthachadh obair ealain stèidhichte air cànan is cultar na dùthcha sin. Thàinig Zenna Tagney gu SMO às a’ Chòrn mar neach-ealain air mhuinntireas airson 6 seachdainean le ùidh ann an seanchas is nàdar agus chaidh an dannsair Albannach, Sophie Nic Steaphain, gu Dùthaich nam Basgach airson còig seachdainean is ùidh aice ann an ruitheaman eadar cànan, ceòl is dannsa. Thèid obair an luchd-ealain a thaisbeanadh anns gach fèis.
Gheibhear barrachd fios mu Fèis TOSTA 2016 bho www.smo.uhi.ac.uk agus www.seall.co.uk