Sabhal Mòr Ostaig @ 50 Cuirm-chiùil Choimhearsnachd
Thèid cuirm-chiùil shònraichte a chumail ann an Slèite Dihaoine, 1 Dùbhlachd 2023 bho 7.30f – an hòro-gheallaidh mu dheireadh a tha a’ comharrachadh 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig.
Bidh a’ chuirm seo a’ leantainn sreath de thachartasan tron bhliadhna, a thòisich le oidhche mhòr aig fèis Celtic Connections ann an Glaschu.
Am measg nan rionnagan tàlantach bhon choimhearsnachd a bhios air an àrd-ùrlar, bidh na leanas:
Join us at Sabhal Mòr Ostaig for one final ‘hòro-gheallaidh’ to celebrate the college’s 50th anniversary. The concert will take place on Following on Friday, 1st of December 2023 at 7.30pm and feature musicians of all ages from the community including:
- Christine Primrose, MBE
- Decker Forrest
- Innes Watson
- Aonghas MacCoinnich | Angus MacKenzie
- Còmhlan-pìoba sònraichte | SMO Pipe Band
- Katy Wight
- Eilidh NicPhàidein | Eilidh MacFadyen
- Jennie NicDhonnchaidh | Jennie Duncan
- Oileanaich bhon chùrsa BA (Le Urram) Gàidhlig is Ceòl Tradaiseanta | Students from the BA (Hons) Gaelic and Traditional Music Programme
- Buidhnean bho Bhun Sgoil Shlèite | Pupils from Bun Sgoil Shlèite
- agus gu leòr eile! | and many more!
Faodar tiocaidean a cheannach aig an doras ann an Àrainn Chaluim Chille (prìomh thogalach)
Bidh raffle ann is tiogaidean gan reic air an oidhche.
Tha sinn a’ toirt taing dha Maoin nan Ealan Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal airson an taic-airgid.
Tickets: £12, £8 Concessions (including students and children under 18), Children 6 and under free.
Tickets can be purchased at the main building, Àrainn Chaluim Chille.
There will be a raffle with tickets being sold on the night.
Our sincere thanks to Maoin nan Ealan Gàidhlig and Fèisean nan Gàidheal for their generous support.